'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an John Lamont BP.
Rugadh agus thogadh e ann an Cill D'Fhinnein. Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich e lagh. Dh'obraich e mar neach-lagha mus deach a thaghadh mar BhPA airson Eadraig, Roxburgh agus Siorrachd Bhearaig ann an 2007. Tha e na bhall Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba.[1] Ann an 2017 dh'ainmich e gun seasaidh e san taghadh coitcheann 2017 airson Siorrachd Bhearaig, Roxburgh agus Salcraig agus leigidh e dheth a sheat Taigh an Ròid.[2] Chaidh a thaghadh le mòr-chuid de 11060 bhòtaichean ann an 2017 agus 5148 ann an 2019.[3]